Vinstrihreyfingin - grænt framboð

Vinstrihreyfingin - grænt framboð
Fiosrachadh
Stèidheachadh6 an Gearran 1999
Luchd-stèidheachaidh Steingrímur Jóhann Sigfússon
Àite-Stèidheachaidh Reykjavík
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Àrainneachdas, Boireann-dhligheachas, Sìochantas, Sòisealachd
OifiseanTúngötu 14, 101 Reykjavík
CathraicheKatrín Jakobsdóttir
Suidheachain11/63
RiaghaltasSan riaghaltas

'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs na làimhe chlì 's a th' ann am Vinstrihreyfingin - grænt framboð (Gàidhlig: Gluasad Clì - Uaine, ainm goirrid: Vinstri Græn). Chaidh a stèidheachadh ann an Reykjavík air 6 an Gearran 1999,[1] nuair a dhiùlt cuid a þingmenn (Gàidhlig: Buill-pàrlamaid) à ceithir pàrtaidhean beaga (Alþýðubandalagið, Alþýðuflokkurinn, Kvennalistinn agus Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins) a ghabhail ris an aonadh a chruthaich Samfylkingin.[2] Tha aon riochdaire deug aige fhèin san Alþingi (pàrlamaid), sianar boireannaich agus còignear fireannaich.[3] 'S e an dara fòrsa poileataigeach as motha san Alþingi, agus tha e san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Sjálfstæðisflokkurinn agus Framsóknarflokkurinn. A bharrachd air sin, tha ceannard a' phàrtaidh, Katrín Jakobsdóttir, na forsætis­ráð­herra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear). 'S i an dara thè san dreuchd ann an eachdraidh Innis Tìle, an dèidh Jóhanna Sigurðardóttir,[4] a bha na prìomh-mhinistear bho 2009 gu ruige 2013. 'S e pàrtaidh a tha gu làidir an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich a th'ann.

Taghaidhean dhan Alþingi

deasaich

B' ann ann an 2009 a bha Vinstrihreyfingin - grænt framboð na bu shoirbheachaile.[5]

BliadhnaBhòtaichean%Seataichean
199915,1159.16
200316,1298.85
200726,13614.39
200940,58121.714
201320,54610.97
201630,16615.910
201733,15510.911

Prìomh-mhinistearan

deasaich

Tha dìreach aon Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) air a bhith aige gu ruige seo:

Ceanglaichean a-muigh

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Alþingi
  2. NSD
  3. Parties and Elections
  4. Fréttablaðið
  5. Stjórnarrað ĺslands
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: