'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Tansania;[1]; an Tansan[2] neo Tansainia[3][4].'S e Poblachd Aonaichte Thansania a h-ainm oifigeil. Tha i suidhichte ann an Afraga an Ear. Tha crìochan aice san tuath le Ceinia agus Uganda, san iar le Ruanda, Burundaidh agus Poblachd Dheamocrach na Congo, agus san deas le Saimbia, Malabhaidh agus Mòsaimbic. Tha an Cuan Innseanach san ear oirre.Anns a’ bhliadhna 1996 dh’imrich riaghaltas Tansania bho Dar es Salaam gu Dodoma, ach tha mòran oifisean pàrlamaideach fhathast ann an Dar es Salaam. 'S ann Kilimanjaro, a' bheinn as àirde ann an Afraga, a tha suidhichte ann an Tansania.

Jamhuri ya Muungano wa Tanzania
Poblachd Aonaichte Thansania

Bratach

Lùireach
Laoidh Nàiseanta
Mungu ibariki Afrika
"Beannachd Dhè air Afraga"
Sluagh-ghairm nàiseanta
"Uhuru na Umoja"(Cànan Swahili)
"Saoirse is Aonachd"
Cànan(an) oifigeilCànan Swahili, Beurla
Prìomh-bhaileDodoma (reachdail)
Dar es Salaam (Prìomh-bhaile traidiseanta)
Baile as mothaDar es Salaam
RiaghaltasPoblachd
Ceann-suidheSamia Hassan Suluhu
Prìomh-mhinistearKassim Majaliwa
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Rìoghachd Aonaichte
1961
Tanganyika9mh an Dùbhlachd 1961
Zanzibar12na am Faoilteach 1964
Merger26mh an Giblean 1964
Farsaingeachd
Iomlan945,087 km² (31mh)
Uisge6.2 %
Àireamh-shluaigh (2006)
Iomlan37,849,133 (32mh)
Dlùths41/km² (159mh)
LTD/CCC (2005)
gach pearsa$723 (178mh)
Roinn tìdeEAT (UTC+3)
Ruith-airgidShilling Tansainìanach
Prìomh àrainn-lìn.tz
Còd Àireamh fòn255

Roinnean deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  2. Am Faclair Beag
  3. Dùthchannan aig SMO
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)