'S e dùthaich ann Afraga a tha ann an Siombabue,[1][2][3] neo Zimbabwe;[4][5] ainm oifigeil: Poblachd Shiombabue.

Zimbabwe

Bratach

Lùireach
Laoidh Nàiseanta
Simudzai Mureza wedu WeZimbabwe (Cànan Shona)
Kalibusiswe Ilizwe leZimbabwe (Cànan Ndebele)
"Blessed be the land of Zimbabwe"
Sluagh-ghairm nàiseanta
Unity, Freedom, Work
Cànan(an) oifigeilBeurla
Mion-chànan(an)Shona, Ndebele
Prìomh-bhaileHarare
Baile as mothaHarare
RiaghaltasPoblachd
Ceann-suidheEmmerson Mnangagwa
Iar-cheann-suidheConstantino Chiwenga
Neach-labhairt na PàrlamaidMabel Chinomona
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachdbhon Rìoghachd Aonaichte
Rhodesia11mh an t-Samhain 1965
Zimbabwe18mh an Giblean 1980
Farsaingeachd
Iomlan390,757 km² (60mh)
Uisge1 %
Àireamh-shluaigh (2005)
Iomlan13,010,000 (68mh)
Dlùths33/km² (170mh)
LTD/CCC (2005)
gach pearsa$2,607 (129mh)
Roinn tìdeCAT (UTC+2)
Ruith-airgidDollar Siombabue
Prìomh àrainn-lìn.zw
Còd Àireamh fòn263

Tha e suidhichte eadar an Abhainn Zambezi agus an Abhainn Limpopo. Tha crìochan aice sa deas le Afraga a Deas, san iar-dheas le Botsuana, san iar-thuath le Saimbia agus le Mòsaimbic san ear.

Thàinig an t-ainm bhon fhacal "Dzimbadzemabwe" (Cànan Shona). Tha e a’ ciallachadh: Taigh mòr à clachan.[6]

'S e Beurla an cànan oifigeil a tha ann an Siombabue ach tha an cuid as motha de na daoine a’ bruidhinn Shona, aon de na cànanan bho tùs a tha anns an dùthaich seo. 'S e Mount Nyangani (seann ainm: Mount Inyangani), (2,592 m; 8,504 ft);[7] a’ bheinn as àirde a tha ann an Siombabue. Tha e na laighe anns an Pairce Nàiseanta Nyanga san ear na dùthcha. Tha na Victoria Falls cliùiteach ri measg an luchd turais.

Iomraidhean deasaich

  1. Am Faclair Beag
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  3. Dùthchannan aig SMO
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  6. Zimbabwe, History Department of UKZN.
  7. Zimbabwe Parks and Wildlife Management Authority

Ceangal a-mach deasaich

Victoria Falls, agus an Abhainn Zambezi
Cairt: Zimbabwe
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: