Artturi Ilmari Virtanen
B' e ceimigear à Suòmaidh a bha ann an Artturi Ilmari Virtanen (IPA: ˈɑrtːuri ˈilmɑri ˈʋirtɑnen) (Helsinki 15 am Faoilleach 1895–Helsinki 11 an t-Samhain 1973). Chaidh e gu Oilthigh Helsinki is dh'obraich e aig Valio, co-chomann biadh-bainne far an do dh'innlich e dòighean airson fodar is ìm glèidheadh agus cruth ùr saidhlids.[1] Rannsaich e cuideachd bacteria anns na 1920an.[2]
Urraman deasaich
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1945 airson a rannsachaidh ann an àiteachas is biadh-eòlas, gu sònraichte glèidhteachas fodair.[3] Chaidh institiud aig Oilthigh na Fionnlann an Ear ainmicheadh air[4] còmhla ri bacterium a chaidh a lorg ann an eòrna air a bhrachadh.[2]
Iomraidhean deasaich
- ↑ “About Valio”. Valio Ltd. Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ 2.0 2.1 “A novel bacterial species named after the Finnish Nobelist A.I. Virtanen”, Oilthigh Helsinki. 30mh dhen Lùnasdal 2018. Air a thogail 2na dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Artturi Virtanen - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ “AIVI”. Oilthigh na Fionnlann an Ear. Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2019.
🔥 Top keywords: Prìomh-DhuilleagCarles Puigdemont i CasamajóCobhair:SusbaintAn Dàrna CogadhSònraichte:RecentChangesUicipeid:Doras na coimhearsnachdUicipeidUicipeid:General disclaimerGàidhligSònraichte:SearchLeabhar-eòlaisUicipeid:Ro-ràdhAlbaAn FhraingLàrach-lìnDeasbaireachd a' chleachdaiche:SionnachSheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasKetchum, Idaho74800640Mac an duine1200Roinn-seòrsa:1200anNa Stàitean AonaichteBeurlaAlice Munro9 am FaoilleachWikimediaCobhair:Deasaich1808ClòrainNa h-InnseachanSeacaisSònraichte:MyTalkReul-eòlasAm Monadh NeagrachBreatainn Mhòr1670