'S e WikiLeaks buidheann mheadhanan neo-phrothaid eadar-nàiseantaa bhitheas a' clò-bhualadh sgrìobhainnean a thig bho thùsannanneo-ainmeach is bho shnighean, agus a bhitheadh air mhodh eiledìomhair no air an cron-sgrùdadh.

Ìomhaigh Wikileaks

Ged a chaidh Wikileaks a stèidheachadh, a-rèir na buidhne fhèin, leluchd-dèanadais chòireachean-dhaonna Sìneach, 's e an Astràiliach Julian Assange am fear-labhairt agus an riochdaire as ainmeile.

Fhuair Wikileaks ainm is cliù eadar-nàiseanta as dèidh dhithclo-bhualadh (28 Samhainn 2010)  mòran contraltraidh dìomhair Ameireaganachbho thosgaireachdean air feadh an t-saoghail. Ammeasg eile, dh' fhoillsich seo gun robh an riaghaltas Breatannach a' strìairson fuasglaidh Al Megrahi, am Bomair Logarbaidh, ged a bha iad a' dubh-chàineadh anriaghaltais Albannaich aig an àm airson an fhuasglaidh iochdmhoir.[1]

Cuideachd, dh' fhoillsich Wikileaks liosta de làraich a bha cudromachdo thèarainteachd Ameireaganach, a' gabhail a-steachcompanaidh Albannach a bhitheas a' dèanamh co-phàirtean dolongan-fo-mhuir niùclasach Ameireaganach.[2]

Iomraidhean deasaich

  1. Professor James Mitchell. "Wikileaks proves Scotland was right on Megrahi release", The Herald, An Dùbhlachd 10, 2010, accessed An Dùbhlachd 13, 2010.
  2. Michael Settle. "Scots firm on Wikileaks list", The Herald, An Dùbhlachd 7, 2010, accessed An Dùbhlachd 13, 2010.