B' e neach-lagha neach-poileataigs agus eucoireach-cogaidh Nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann an Hans Michael Frank (Karlsruhe, 23 an Cèitean 1900 - Nürnberg, 16 an Dàmhair 1946).[1] Rugadh agus thogadh Franks ann an Karlsruhe agus bhuinneadh e do theaghlach bùirdeasach Caitligeach - bha athair na neach-lagha agus bha seanair na bhancair. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Mhünchen agus Oilthigh Kiel. Bha e na bhall an DAP - ro-ruithear a' Phàirtidh Nàsach - agus bha e an sàs ann an Hitlerputsch ann an 1923.[2] B' e neach-lagha pearsanta Adolf Hitler a bh' ann am Franks. Chaidh ainmeachadh Riaghladair-Coitcheann na Pòlainne - fo smachd na Gearmailte - ann an 1939 agus le sin b' e Franks fhèin a os cionn ceithir campaichean-losgaidh.[3] Chuir e air dòigh siostam ceannairceachd na stàite, murt, tràilleachd agus uile-losgadh. Bha Franks air a dhìteadh an dèidh a' Chogaidh agus chaidh a chrochadh air 16 an Dàmhair 1946 airson an uilc a rinn e.

Hans Frank
ball an Reichstag ann am Poblachd Weimar


ball an Reichstag ann an Gearmailt nan Nàsach

Beatha
Ainm slànHans Michael Frank
BreithKarlsruhe, 23 dhen Chèitean 1900
Dùthaich A' Ghearmailt
BàsNuremberg Court Prison (en) Translate agus Nürnberg, 16 dhen Dàmhair 1946
Nàdar a’ bhàispeanas bàis (crochadh)
Teaghlach
CèileBrigitte Frank (en) Translate  (1925 -  1946)
Clann
Foghlam
FoghlamOilthigh Ludwig Maximilian ann am Munich
Àrd-fhoghlamDoctor of Laws (en) Translate
CànainGearmailtis
Dreuchd
Dreuchdneach-lagha agus neach-poileataigs
Àitichean-obrachBerlin agus General Government (en) Translate
Duaisean a fhuaras
BallrachdSturmabteilung (en) Translate
Thule Society (en) Translate
Seirbheis san arm
Meur an airminfantry (en) Translate
Ìreprivate (en) Translate
StrìAn Cogadh Mòr
Creideamh
CreideamhEaglais Chaitligeach
Pàrtaidh poileataigeachAm Pàrtaidh Nàsach
Pàrtaidh Oibrichean na Gearmailte

Iomraidhean deasaich

  1. Evans, Richard J. (2004). The Coming of the Third Reich. Penguin Press, ISBN 978-1-59420-004-5.
  2. LOC
  3. Geiss, Immanuel; Jacobmeyer, Wolfgang, (1980). Deutsche Politik in Polen 1939 - 1945. Aus dem Diensttagebuch von Hans Frank, Generalgouverneur in Polen. Leske + Budrich, ISBN 978-3810002969.