Fredericia
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula

Ìomhaigh-ealain le Herman Wilhelm Bissen ann am Fredericia
Suidheachadh
Dùthaich An Danmhairg
CeàrnDanmhairg a Deas (Syddanmark)
Co-chomharran55° 35’ Tuath
09° 46′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd134.46 km²
Àireamh-shluaigh49,849 (2010)
Dlùths370.73/km²
Duilleag oifigeilhttp://www.fredericiakom.dk

‘S e baile meadhanach agus port[1] ann an ceann a deas na Danmhairg a th’ ann am Fredericia (/fʀɛðəˈʀedɕa/). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1650 leis an Rìgh Frederik III mar ghearasdan fon ainm Frederiksogge (Danmhairgis: Rubha Frederik), is thathar air a bhith a’ cleachdadh an fhoirm Laideann Fredericia bho 1664.[2] Tha an gearasdan ann fhathast. Tha e suidhichte eadar am bàgh ris an canar Båring Vik agus caolas ris an canar Lillebaelt, air an eilean Jylland, anns an roinn Syddanmark, 177km air falbh bho Chopenhagen (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 69km bho Århus.[3] Tha 49,849 duine a’ fuireach anns an sgìre air fad, 39,513 dhuibh anns a’ bhaile fhèin.[4]

Daoine ainmeil

deasaich

Bailtean co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Maersk
  2. Den Store Danske
  3. Distance Calculator
  4. Riaghaltas na Danmhairg

Ceanglaichean a-mach

deasaich