'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Castilla y León (IPA: kas'tiʎa i le'on). Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha, ri taobh na Madrid. ‘S e Ávila prìomh-bhaile na Roinne. 'S e Castilla y León an ceàrn as motha a tha anns An Spàinn. Tha e cho farsaing ri 94,223 cilemeatair ceàrnagach, 18.6% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2008 bha 2,553,301 duine de shluagh ann,[1] le dlùths aig àireamh 26.57 duine gach km². Tha trì cànain gam bruidhinn ann an Castilla y León: Spàinntis, Leonais agus Gailìsis. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Cortes de Castilla y León. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[2]Tha naoi sgìrean anns Castilla y León, mar a leanas:

SgìrePrìomh-bhaileÀireamh-shluaighDlùths
ÁvilaÁvila171,8968,048 km²
BurgosBurgos374.82614,292 km²
LeónLeón499,28415,581 km²
PalenciaPalencia173,3068,052 km²
SalamancaSalamanca353,61912,349.95 km²
SegoviaSegovia164,2686,796 km²
SoriaSoria95,10110,303 km²
ValladolidValladolid533,6408,110 km²
ZamoraZamora194,21410,561 km²

Ceangal a-muigh deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  2. Cortes de Castilla y León