B' e aon de na seinneadairean agus luchd-ciùil as ainmeile san Fhraing a bh' ann an Édith Piaf (IPA: edit pjaf, Fìor ainm: Édith Giovanna Gassion, Paris, 19 an Dùbhlachd 1915Plascassier, 11 an Dàmhair 1963) agus dh'fhàs i ìomhaigh dhùthchail. Nochd a seinn a beatha dhochannach, bhrònach, le a neart a bhith òrain-ghaoil thiamhaidh air seinn ann am guth caointeach. Tha "La vie en rose" (1946), "Hymne à l'amour" (1949), "Milord" (1959), agus "Non, je ne regrette rien (1960) am-measg a h-òrain ainmeile.

Édith Piaf
Beatha
Ainm slànÉdith Giovanna Gassion
BreithParis, 19 dhen Dùbhlachd 1915
Dùthaich An Fhraing
Àite-fuirichParis
Na Stàitean Aonaichte
Normandy (en) Translate
An Fhraing
Ciad chànanFraingis
BàsGrasse agus 16th arrondissement of Paris (en) Translate, 10 dhen Dàmhair 1963
Àite-adhlacaidhcladh Père Lachaise
Grave of Gassion-Piaf (en) Translate
Nàdar a’ bhàisadhbharan nàdarra (sileadh fala 'na bhroinn)
Teaghlach
AthairLouis Gassion
MàthairLine Marsa
CèileJacques Pills (en) Translate  (20 dhen t-Sultain 1952 -  1956)
Theophanis Lamboukas (en) Translate  (9 dhen Dàmhair 1962 -  10 dhen Dàmhair 1963)
CàraidMarcel Cerdan
Louis Gérardin
Yves Montand (en) Translate
unknown value
Clann
Foghlam
CànainFraingis
Beurla
Dreuchd
Dreuchdseinneadair, actair, recording artist (en) Translate, chansonnier (en) Translate, neach-ealain na sràide agus sgrìobhaiche òran
Àirde157 centimetre
Obraichean comharraichteLa Vie en rose (en) Translate
Milord (en) Translate
Non, je ne regrette rien (en) Translate
Duaisean a fhuaras
BallrachdAncient Mystical Order Rosae Crucis (en) Translate
Far-ainmeanÉdith Piaf
Gnè ealainchanson (en) Translate
chanson réaliste (en) Translate
ballade (en) Translate
Nàdar a’ ghuthacontralto (en) Translate
Inneal-ciùilguth
Taigh-clàraidhCapitol Records
Pathé-Marconi (en) Translate
Columbia Records
Polydor Records (en) Translate
Philips Records (en) Translate
IMDbnm0681191

Beatha mhoch

deasaich

A dh'aindeoin na mòran eachdraidhean-beatha uimpe, tha mòran na beatha Édith falaichte le rùn, a' gabhail a-steach a breith. Rugadh i Édith Giovanna Gassion ann an Belleville, Paris, an ceàrn an imreachais àird air thoirt iomradh air nas fhadalaiche le Daniel Pennac. Thuirteadh sgeulachd shean gun rugadh i air a' chabhsair na Rue de Belleville 72, ach thuirt a teisteanas-breith oifigeil gun rugadh i aig an Hôpital Tenon,[1] an taigh-leighis airson an ceàrn na Belleville. Thugadh an t-ainm Édith dhi airson an banaltram Breatannach A' Chogaidh Mhòir, Edith Cavell, a bha air chur ri bàs air a' chuideachadh saighdearan Frangach a theicheadh bhon bhraighdeanas na Gearmailte. Thòisich piafmith-chainnteachas a' Pharas airson "gealbhonn"—cho leas-ainm gum fuair i 20 bliadhnaichean na b' fhadalaiche.

'S e ban-dùthchasach leth-Eadailteach de Livorno a bh' ann a màthair, Annetta Giovanna Maillard (1895–1945). Bha i aig obair cho seinneadair nan taigh-seinnse fodhan ainm Line Marsa.[1] 'S e lùth-chleasaiche na t-sràide a bh'ann an athair Édith, Louis-Alphonse Gassion (1881–1944)[2] le eòlas an taighe-chluiche. Bha gu luath Édith trèigte le a màthair agus bha a h-athair sa' Chogadh, 's mar sin dh'fhuirich i fad ùine ghoirid leis a' mhàthair a màthar, Emma (Aïcha) Saïd ben Mohammed (1876–1930), a bha 'na Ban-Cabileach. Gu goirid an dèidh sin, ghabh an t-athair Édith a nighean a dh'fhuireach le a mhàthair, a bha 'na bhana-mhaighstir taigh-strìopachas ann an Normandie, agus an uair sin thill e dhan dh'armailt Fhraingich ann an 1916. Chuidich na strìopaichean a dh'àrach Édith.

As na h-aoisean trì ri seachd, bha air aithris Édith dall, a' fulang bho cor na t-sùla, 's dòcha at-còirne; agus as na h-aoisean ochd ri ceithir deug, bha i air aithris bodhar. A-rèir ri aon a h-eachdraidhean-beatha, fhuair i a lèirsinn air ais nuair ann an mar a tha iomradh air thoirt air cho "mìorbhail", an dèidh chruinnich na strìopaichean a seanmhair airgead ga cur air taisdeal a thoirt urram ri Thérèse de Lisieux. Ann an 1929, aig an aois 14, cheangail i le a h-athair 'na ghnìomhan na t-sràide air feadh na Frainge, far an sheinn i gu follaiseach air a' chiad àm. An uair sin ghabh i seòmar aig an Grand Hôtel de Clermont (18 rue Veron, Paris 18ème) agus dhealaich i bhuaithe, a' dol a slighe fhèin cho seinneadair-sràide anns an Pigalle, Ménilmontant, agus na h-iomall-bhailtean na Paris (th' ann iomradh ri seo 'san òran "Elle fréquentait la Rue Pigalle" (Thadhail I an Sràid Pigalle). Cheangail i le a leth-phiuthar Simone Berteaut ("Momone")[1] 'san oidhirp seo, agus dh'fhàs an dithis buan-chàirdean sa' mhiastadh. Bha i mu dheidhinn 16 bliadhna a dh'aois nuair thuit i ann am gaol le gille-fritheil, Louis Dupont. Aig an aois 17 rugadh an aon pàiste aice, caileag ainmichte Marcelle, a bhàsaich aig dà bliadhna a dh'aois à fiabhras eanchainne.[2] Mar a màthair fhèin roimhpe, lorg Édith ag àrach pàiste doirbh fad fhuireach beatha air na sràidean, 's mar sin dh'fhàgtadh i gu tric Marcelle na h-aonar fad a neo-làthaireachd, agus ghabh Dupont an nighean a dh'àrach leis fhèin roimh a' bhàs Mharcelle mìosan na b' fhadalaiche. 'S e drùisear a bh' ann an ath-leannan Édith, Albert, agus ghabh e roinn-pàighidh as an airgead gun d' rinn i le seinn ann an iomlaid ann an iomlaid nach cuirteadh e spàirn oirre a dh'fhàs strìopach; chuir caraid Édith, nighean thlàth ainmichte Nadia, làmh 'na beatha fhèin nuair bha i air chur aghaidh air an smaoin de fàs strìopach agus cha mhòr nach do chuir Albert peilear tro Édith nuair bhris i am càirdeas oir a' bhàis Nadia.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 Biography: Edith Piaf(English). RFI Musique. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2007.
  2. 2.0 2.1 Ray, Joe (October 11, 2003): “Edith Piaf and Jacques Brel live again in Paris: The two legendary singers are making a comeback in cafes and theatres in the City of Light(English). 'Vancouver Sun', td. F3. Air a thasglannadh [o http://joearay2.tripod.com/vancouversun/brel_et_piaf.html] 11mh dhen Dùbhlachd 2012. Air a thogail 18mh dhen Iuchar 2007.