George Santayana

B' e bàrd agus feallsanaiche às an Spàinn agus às na Stàitean Aonaichte a bh' ann an George Santayana (Madrid, 16 an Dùbhlachd 1863 - An Ròimh, 26 an t-Sultain 1952). Aig a bhaisteadh fhuair e an t-ainm Jorge Agustín Ruíz de Santayana y Borrás, ach tha e nas aithnichte an-diugh fon ainm George Santayana a chleachd e airson a cuid sgrìobhaidhean.

George Santayana
Beatha
Ainm slànJorge Agustín Nicolás Ruiz de Santayana y Borrás
BreithSan Bernardo street (en) Translate agus Madrid, 16 dhen Dùbhlachd 1863
Dùthaich An Spàinn
Àite-fuirichÁvila
Beacon Street (en) Translate
BàsAn Ròimh, 26 dhen t-Sultain 1952
Àite-adhlacaidhCampo Verano (en) Translate
Nàdar a’ bhàisadhbharan nàdarra (aillse na stamaig)
Teaghlach
AthairAgustín Ruiz de Santayana
MàthairJosefina Borrás
Cèileno value
Foghlam
FoghlamOilthigh Harvard
Colaiste Harvard
Colaiste an Rìgh
Oilthigh Humboldt Berlin
Boston Latin School (en) Translate
CànainSpàinntis
Beurla
Dreuchd
Dreuchdfeallsanaiche, sgrìobhadair, bàrd, nobhailiche, aistear agus neach-teagaisg oilthigh
FastaicheanOilthigh Harvard
Ainmeachadh airson duaisean
BallrachdAcadamh Aimeireaganach nan Ealan is nan Litir
Comann Phi Beta Kappa
Far-ainmeanGeorge Santayana
Creideamh
CreideamhChristian atheism (en) Translate

Ged a chùm Santayana a nàiseantachd Spàinnteach fad a bheatha, thogadh agus fhuair e foghlam anns an Stàitean Aonaichte agus thuirt e mu a dheidhinn fhèin gur e Ameireaganach a bh' ann.

Beatha deasaich

Rugadh Santayana ann am Madrid ach fhuair e a àrach òg ann an Ávila, baile na mnà cràbhaich iomraiteach Teresa de Jesús.

Bha a mhàthair, Josefina Borrás, pòsta aig George Sturgis, marsanta bho Bhoston, agus dh'fhuirich i anns a’ bhaile sin gu bàs Sturgis ann an 1857. Le triùir chloinne, thill i do Mhadrid ann an 1861. Thachair i an sin ri seann charaid Agustín Santayana. Phòs iad agus bha aon phàiste aca, Jorge (a bhiodh an uair sin George). Ghabh an teaghlach còmhnaidh ann an Madrid agus Ávila.

Ann an 1869, nuair a bha Santayana sia bliadhna a dh'aois, chaidh Josefina agus a triùir cloinne le Sturgis air ais do Bhoston, a' fàgail George còmhla ri athair ann am Madrid. Lean Agustín agus George i ann an 1872, nuair a bha George ochd bliadhna a dh'aois. Ach cha do chòrd Boston ri Agustín agus thill e na aonar a dh’ Ávila, far an do dh’fhuirich e gu ceann a bheatha.

Chaidh Santayana a dh’Oilthigh Harvard far an do rinn e ceum. As dèidh dà bhliadhna ann am Berlin, thill e a Harvard far an do sgrìobh e tràchdas air saothair Hermann Lotze. Thòisich e feallsanachd a theagasg an sin cuideachd agus am measg a oileanaich bha T. S. Eliot, Robert Frost, Gertrude Stein, Horace Kallen, Walter Lippmann, and W. E. B. Du Bois.

Anns a’ bhliadhna 1912, leig e dheth a dhreuchd agus chaidh e a dh’ fhuirich anns an Roinn-Eòrpa (Ávila, Paris agus Oxford). Mu dheireadh, rinn e imrich don Ròimh, far an do chaochail e ann an 1952. Rè a dhà fhichead bliadhna anns an Roinn-Eòrpa sgrìobh e naoi leabhraichean deug. Cha do phòs e riamh.

Bàrdachd deasaich

A-measg a bhàrdachd, tha a dhàn fada Odes (5 earrannan agus 43 rann ) gu h-àraid sgoinneil, domhainn, feallsanachail. Dh'eadar-theangaich Garbhan MacAoidh cuid de na dàin Santayana is dh'fhoillsich Gairm iad ann an 1979.[1]Seo cuid de na rainn às an eadar-theangachadh Gàidhlig:

Dàin deasaich

II

(”My heart rebels against this generation”)

Tha dubh-ghràin agam do mo linn ‘s mo chinneadh
A mholas saorsa, ach na thràill don t-saibhreas,
‘S a triall gach là fo uallach an-uasal,
Mòr as a mhàireach.
Gun àit’ son tàmh tràth-nòin no faire-oidhche.
Gun tlachd fo nèamhan ann an deò na beatha!
Truagh iad fhèin, càrnaidh iad maoin is sealbh,
Sanntach air buannach.

III

(“Gathering the echoes of forgotten wisdom”)

‘Trusadh mac-talla gliocais air dhì-chuimhne,
‘S èignicht’ le rùn sàr-euchdach, dàna, uaibhreach,
Dh’iarr Columbus oirthir òr nan Innsean
Fa chomhair Roinn-Eòrpa.
Thug e don t-saoghal saoghal eile, ‘s lèir-sgrios
Do thìrean neo-chiontach, sruth-ghràdhach, sàmhach,
Mhallaich e ‘n Spàinn le seasg-òr, is do Pheadair
Ghèill e na h-Andes.
Dè ‘nis an t-euchd a dh’fhàg thu dhuinn, Cholumbuis?
Ciod e an t-urram do do shliochd, Mhagellain?
Gach là nì daoine saibhir cuairt an t-saoghail
Air son dibhearsain.
Agus dè‘m math a th’againn o bhur cunnart?
Talamh nas lugha ‘s dùil nas lugh’ ri flaitheas,
Lùghdaich sibh luach òir, ‘s a’ tromhas cuain,
Chunnt sibh na h-innsean.

V

(“Of thee the Northman by his beachèd galley”)

Chunnaic an Lochlannach ri taobh a bhìrlinn
Thus’ ann an aisling, ‘Mhuir-na-meadhan-tìre,
Fon fhuar Chrann-arain, agus e ag iondrainn
Samhraidh is solais.

...

Thusa, neo-challaicht’, deònach air bhith callaicht’,
Thagair an Ròimh thu gus an deach’ i sgriosadh,
Agus a-nis tha’n Sasunnach gad coimhead,
Seasmhach is uasal.
Ach 's coma dhuit, cho fad 's nach reòdh an geamhradh
Na fuarain agad, is nach tachd Sahàra
Le gainneich uabhasach do long-phuirt shìtheil
Dionta le creagan.
Suarach dhuit co shaltaireas do chòrsa:
Coma dhomh cuideachd, ‘s mi bho àrd-ros fraochach,
Cùbhraidh, ag amharc air do bhoidhcheid shìorraidh,
Sòlas nan daoine.

Iomraidhean deasaich

  1. MacAoidh, Garbhan (An Geamhradh 1979–1980): “Dàin (Odes) le George Santayana (feallsanach agus bàrd Spàinneach-Ameireaganach, eadar-th. gu Gàidhlig,” ann an: Gairm, leabhar 109, td. 27.