Județul Sălaj
Szilágy Megye
Gearradh-arm
no Seula
Dealbh
Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Prìomh-bhaile Zalău
Roinn EachdraidheilCrişana/Transsilvania
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd3,864 km²
Àireamh-shluaigh224,384 (2011)
Dlùths58.07/km²
Àireamh fòn+40 260/360
Clàr Àireamh-carbaidSJ
Duilleag oifigeilRiaghaltas Roinneil

'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Sălaj (IPA: səˈlaʒ, Gearmailtis: Zillenmarkt, Ungairis Szilágy). Tha e suidhichte eadar Cluj, Satu Mare, Bihor agus Maramureş. 'S e Zalău a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] 'S e Sălaj an 38mh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 39mh a thaobh àireimh-shluaigh.[3]

Eachdraidh

deasaich

'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm Sălaj. Tha cuid ag ràdh gur ann à Laideann Silva (Gàidhlig: Coille) a tha e, fhad 's a tha feadhainn eile dhen bheachd gun tàinig e à Dacais zilai (Gàidhlig: Fìon dearg).[4] Chaidh an roinn a stèidheachadh ann an 1876 nuair a dh'aonadh Kraszna agus Közép-Szolnok. Bhuineadh Sălaj, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir. Chaill An Ungair Sălaj ann an 1920.[5]

Cinnidheachd

deasaich
  • Romàinianaich – 71.23%[6]
  • Ungairianaich – 23.04%
  • Romani – 5.05%
  • Eile - 0.68%

Creideamhan

deasaich

Bailtean as Motha

deasaich

Tha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceauşescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[8]

BaileMuinntir
Zalău (Gearmailtis: Zillenmarkt, Ungairis Zilah)56,202
Șimleu Silvaniei (Gearmailtis: Schomlenmarkt, Ungairis: Szilágysomlyó)14,436
Jibou (Gearmailtis: Siben, Ungairis: Zsibó)10,407
Cehu-Silvaniei (Gearmailtis: Bömischdorf, Ungairis: Szilágycseh)7,214
Crasna (Gearmailtis: Krassmarkt, Ungairis: Kraszna)6,485
Sărmășag (Ungairis: Sarmaság)6,092
Pericei (Ungairis: Szilágyperecsen)3,768
Bobota (Ungairis: Nagyderzsida)3,766
Bălan (Gearmailtis: Blasenkirchen, Ungairis: Almásbalázsháza)3.722
Ip (Ungairis: Ipp)3,648
(Bho: 20mh an Dàmhair 2011)[9]

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Nutritionist Cluj
  2. Welcome to Romania
  3. Criticatac
  4. Adevǎrul
  5. Hungarian History
  6. Centru de Resurse pentru Diversitate Etnoculturalǎ
  7. Népszamlalas
  8. OSZK
  9. City Population

Ceanglaichean A-mach

deasaich
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: