B' e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann am Pòl MacAonghais (Beurla: Paul Macinnes, 1928–1987). Rugadh e ann an Gurraig 22 am Faoilleach 1928 is athair à Baile a' Chaolais agus a mhàthair à Griomasaigh. Nuair a bhàsaich a phàrantan is e ach 8 bliadhna a dh'aois thogadh e leis a sheanair agus a sheanmhair ann an Griomasaigh.

Pòl MacAonghais
Beatha
Dreuchd

Chaidh e dhan sgoil ann am Port Rìgh agus bha e na oileanaich aig Oilthigh Ghlaschu agus aig Colaiste Chnoc Iòrdain. Theagaisg e air feadh na h-Alba.Bha e ag obair mar riochdaire aig a' BhBC o 1976 is e a' fuireach ann an Dùn Èideann.Chaochail e gu h-obann 19 an Lùnastal 1987 ann am Port Rìgh.[1]

Leabhraichean deasaich

  • Teine Ceann Fòid (Gairm, 1967)
  • Amannan (Chambers, 1979)
  • An Guth Aoibhneach (Saltire Society, 1993)
  • Solas na Gealaich (Comunn Dràma Ghàidhlig Ghlaschu, 2001)

Iomraidhean deasaich

  1. Guth Aoibhneach”. Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig. Air a thogail 19mh dhen Chèitean 2024.

Ceanglaichean a-muigh deasaich